Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choicheangal ribhse, agus ri ur sliochd nur dèidh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.

Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn.

Agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh; agus cha sgriosar gach uile fheòil tuilleadh le uisgeachan na dìle; agus cha bhi dìle ann nas mò a sgrios na talmhainn.

Agus thubhairt Dia ri Nòah, Seo comharradh a’ choicheangail, a dhaingnich mi eadar mi fhèin agus gach uile fheòil a tha air an talamh.

Agus labhair Dia ri Nòah, agus ra mhic maille ris, ag ràdh,

Mar seo deir an Tighearna, Ma dh’fhaodar leibh mo choicheangal-sa ris an là a bhriseadh, agus mo choicheangal ris an oidhche, agus nach bi là no oidhche ann nan àm fhèin;

Mu thimcheall a Mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna, a rinneadh de shìol Dhaibhidh, a rèir na feòla;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan