Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis-sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear-fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi.
Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.
Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil-san air ur làimh-se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh?
A‑nis, matà, na meas neochiontach e: oir is duine glic thu, agus tha fhios agad ciod as còir dhut a dhèanamh ris; ach thoir a cheann liath sìos don uaigh le fuil.
Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.
Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, gu tabhartas a thoirt seachad don Tighearna air beulaibh pàillean an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh:
Agus saoraidh an co‑chruinneachadh am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fala, agus cuiridh an co‑chruinneachadh air ais e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an àrd-shagairt, a dh’ungadh leis an ola naoimh.
Mar sin cha truaill sibh am fearann anns a bheil sibh; oir truaillidh fuil am fearann, agus chan eil e an comas am fearann a ghlanadh den fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an tì a dhòirt i.
Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc.
Ach ma tha aig duine sam bith fuath da choimhearsnach, agus gun laigh e am plaid air a shon, agus gun èirich e suas na aghaidh, agus gum buail e gu marbhtach e, air chor is gum faigh e bàs, agus gun teich e gu aon de na bailtean sin;
Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.
Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.