Agus gu deimhinn fuil ur beatha-se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine.
Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh an aghaidh an leinibh? Agus cha d’èisd sibh: uime sin, feuch, mar an ceudna tha a fhuil air a h‑iarraidh oirnn.
Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil-san air ur làimh-se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh?
Oir cha do chuimhnich Iòas an rìgh an coibhneas a rinn Iehoiada a athair ris, ach mharbh e a mhac: agus nuair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chì an Tighearna, agus agraidh e.
No ma bhuaileas e e le a làimh ann an naimhdeas, air chor is gum faigh e bàs; cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu bàs; oir is mortair e: marbhaidh dìoghaltair na fala am mortair, nuair a choinnicheas e e.
A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair.
Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;
Ach ma tha aig duine sam bith fuath da choimhearsnach, agus gun laigh e am plaid air a shon, agus gun èirich e suas na aghaidh, agus gum buail e gu marbhtach e, air chor is gum faigh e bàs, agus gun teich e gu aon de na bailtean sin;
An sin cuiridh seanairean a bhaile fhèin fios uapa, agus bheir iad as a sin e, agus bheir iad thairis e do làimh dìoghaltair na fala, a‑chum gum bàsaich e.