Air an adhbhar sin abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha sibh ag ithe maille ris an fhuil, agus a’ togail ur sùl suas ri ur n‑iodhalan, agus a’ dòrtadh fala; agus an sealbhaich sibh am fearann?
Chunnacas iomchaidh dhuinn, air dhuinn a bhith cruinn a dh’aon toil, daoine taghte a chur dur n‑ionnsaigh-se, maille ri ar bràithrean gràdhach Barnabas agus Pòl;
Sibh a sheachnadh nithean a chaidh ìobradh do iodhalan, agus fala, agus nì tachdte, agus strìopachais: uapa seo ma choimheadas sibh sibh fhèin, nì sibh gu math. Slàn leibh.
Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.
Agus leum an sluagh air a’ chreich, agus ghabh iad caoraich, agus buar, agus laoigh, agus mharbh iad air an talamh iad: agus dh’ith an sluagh iad leis an fhuil.