Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh gach nì gluasadach, a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhail mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h‑uile nithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus bidh ur n‑eagal agus ur fiamh-se air uile bheathaichean na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach nì a ghluaiseas air an talamh, agus air uile èisg na mara; dur làimh-se tha iad air an tabhairt.

An nì sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a reubar le fiadh-bheathaichean, chan ith e, ga shalachadh fhèin leis: Is mise an Tighearna.

Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan.

Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.

Na sgrios obair Dhè airson bìdh. Gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan; ach is olc don duine sin a dh’itheas le oilbheum.

Na dèanadh esan a tha ag ithe tàir airsan nach eil ag ithe; agus na tugadh esan nach eil ag ithe, breith air an tì a dh’itheas: oir ghabh Dia ris.

Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh: tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach cha toir na h‑uile nithean fòghlam.

Uime sin co‑dhiù dh’itheas no dh’òlas sibh, no ge bè nì a nì sibh, dèanaibh na h‑uile nithean a‑chum glòir Dhè.

Gidheadh, faodaidh tu feòil a mharbhadh agus ithe ad gheatachan uile, ge bè nì air a bheil miann aig d’anam, a rèir beannachadh an Tighearna do Dhia a thug e dhut: faodaidh an neòghlan agus an glan ithe dheth; mar den bhoc-earba, agus den fhiadh.

Uime sin na tugadh aon neach breith oirbh airson bìdh, no dibhe, no a‑thaobh là fèille, no gealaich nuaidh, no shàbaidean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan