Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Mallaichte gu robh Canàan; na sheirbhiseach nan seirbhiseach bidh e da bhràithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gun do rinn thu seo, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na machrach; air do bhroinn imichidh tu, agus duslach ithidh tu uile làithean do bheatha:

Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.

Mallaichte gu robh an corraich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i an‑iochdmhor: roinnidh mi iad ann an Iàcob, agus sgaoilidh mi iad ann an Israel.

Agus b’iad mic Nòah a chaidh a‑mach as an àirc, Sem agus Ham agus Iàphet: agus b’e Ham athair Chanàain.

Agus chunnaic Ham, athair Chanàain, nochd a athar, agus dh’innis e da dhà bhràthair a‑muigh.

Agus dhùisg Nòah o a fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b’òige air.

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

Fhreagair Iosa iad, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè a nì peacadh, is seirbhiseach don pheacadh e.

Mallaichte gu robh esan a nì tàir air a athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen.

Mallaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach.

A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd-gearraidh fiodha, agus nur luchd-tarraing uisge airson taigh mo Dhè.

Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan