Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.
Agus ghabh Sem agus Iàphet brat, agus chuir iad le chèile air an guaillean e, agus chaidh iad an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha an aghaidhean air an ais, agus chan fhaca iad nochd an athar.