Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic Ham, athair Chanàain, nochd a athar, agus dh’innis e da dhà bhràthair a‑muigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan.

Agus ghabh Sem agus Iàphet brat, agus chuir iad le chèile air an guaillean e, agus chaidh iad an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha an aghaidhean air an ais, agus chan fhaca iad nochd an athar.

Agus thubhairt e, Mallaichte gu robh Canàan; na sheirbhiseach nan seirbhiseach bidh e da bhràithrean.

Mic Ham: Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canàan.

Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà!

Gun tillear iadsan air an ais mar thuarasdal dan nàire, a their rium, Ahà, Ahà!

Tagair do chùis rid choimhearsnach; agus na foillsich rùn-diamhair do neach eile:

An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.

Is an‑aoibhinn dhàsan a tha a’ toirt air a choimhearsnach òl, a tha a’ cur ris a chupain, agus ga chur air mhisg mar an ceudna, a‑chum gun amhairceadh e air a lomnochdaidh.

Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhèin agus esan a‑mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair.

Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn;

A bhràithrean, ma ghlacar neach ann an coire air bith gu h‑obann, sibhse a tha spioradail togaibh suas a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na macantachd; a’ toirt aire dhut fhèin, nach buairear thu mar an ceudna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan