Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh ur n‑eagal agus ur fiamh-se air uile bheathaichean na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach nì a ghluaiseas air an talamh, agus air uile èisg na mara; dur làimh-se tha iad air an tabhairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.

Agus thubhairt Dia, Dèanamaid duine nar dealbh fhèin, a rèir ar coslais fhèin, agus biodh uachdaranachd aca os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn na sprèidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh.

Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.

Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus thug e iad a‑chum Adhaimh, a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha.

Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.

Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.

Bidh gach nì gluasadach, a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhail mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h‑uile nithean.

An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?

Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean.

Agus anns an là sin nì mise coicheangal air an son ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith nèimh, agus ri nithean snàigeach na talmhainn: agus am bogha, agus an claidheamh, agus an cath, brisidh mi a‑mach as an fhearann, agus bheir mi orra gun laigh iad sìos ann an tèarainteachd.

Cuiridh mi mar an ceudna fiadh-bheathaichean na machrach nur measg, a bheir uaibh ur clann, agus a chuireas as dur sprèidh, agus a nì sibh tearc ann an àireamh, agus bidh ur rathaidean mòra fàs.

Agus bheir mise sìth anns an tìr, agus laighidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha tèid an claidheamh tro ur fearann.

Oir tha gach uile ghnè fhiadh-bheathach, agus eunlaith, agus nithean snàigeach, agus nithean anns an fhairge, air an ceannsachadh: agus cheannsaicheadh iad leis a’ chinne-daonna:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan