Agus bidh am bogha anns an neul; agus amhaircidh mi air, a‑chum is gun cuimhnich mi an coicheangal sìorraidh eadar Dia agus gach creutair beò den uile fheòil a tha air an talamh.
Timcheall-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear ad thaigh, agus esan a cheannaichear led airgead: agus bidh mo choicheangal nur feòil-se mar choicheangal sìorraidh.
Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.
Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.
Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs.
Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium.
Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann.
A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh-ionad nam meadhon gu bràth.