Agus tàrlaidh, nuair a bheir mi neul os cionn na talmhainn, gum faicear am bogha anns an neul:
Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh.
Agus cuimhnichidh mi mo choicheangal, a tha eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò den uile fheòil; agus chan fhàs nas mò na h‑uisgeachan nan dìle a sgrios gach uile fheòla.
A dh’fhalaicheas nèamh le neòil, a dh’ullaicheas uisge don talamh, a bheir air feur fàs suas air na slèibhtean.