Agus thubhairt Dia, Seo comharradh a’ choicheangail a tha mi a’ toirt eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealaichean sìorraidh:
Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt.
Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.
Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha-frois timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald.