Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Dia, Seo comharradh a’ choicheangail a tha mi a’ toirt eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealaichean sìorraidh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus timcheall-ghearraidh sibh feòil ur ro‑chraicinn; agus bidh e na chomharradh a’ choicheangail eadar mise agus sibhse.

Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh.

Agus thubhairt Dia ri Nòah, Seo comharradh a’ choicheangail, a dhaingnich mi eadar mi fhèin agus gach uile fheòil a tha air an talamh.

Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.

Agus bidh e mar chomharradh air do làimh, agus mar aodannan eadar do shùilean; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit.

A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar-sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan