Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;

Chaidh gach uile bheathach, gach nì a shnàigeas, agus gach eun, gach nì a ghluaiseas air an talamh, a rèir an cineil, a‑mach as an àirc.

Agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh; agus cha sgriosar gach uile fheòil tuilleadh le uisgeachan na dìle; agus cha bhi dìle ann nas mò a sgrios na talmhainn.

Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choicheangal ribhse, agus ri ur sliochd nur dèidh;

Is math an Tighearna do na h‑uile, agus tha a chaomh-thròcairean os cionn a obrach uile.

Seadh, nì mi ceangal-pòsaidh riut ann am fìrinn, agus gabhaidh tu eòlas air an Tighearna.

Agus nach coiglinn-sa Ninebheh, am baile mòr sin, anns a bheil tuilleadh agus sia-fichead mìle pearsa, do nach aithne an làmh dheas seach an làmh chlì, agus mòran sprèidhe?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan