Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h‑uisgeachan anns na fairgeachan, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh.

Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.

Is iad sin teaghlaichean mic Nòah, a rèir an ginealaichean, nan cinnich: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh an dèidh na dìle.

Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e.

Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.

Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

Thoir a‑mach leat gach nì beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de sprèidh, agus de gach uile nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh; a‑chum is gun sìolaich iad air an talamh, agus gum bi iad torrach, agus gum fàs iad lìonmhor air an talamh.

Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.

Agus bidh ur n‑eagal agus ur fiamh-se air uile bheathaichean na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach nì a ghluaiseas air an talamh, agus air uile èisg na mara; dur làimh-se tha iad air an tabhairt.

Agus bithibh-se sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor; ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.

Molaibh-se an Tighearna. Is beannaichte an duine air am bi eagal an Tighearna, a ghabhas tlachd mòr da àitheantan.

Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan