Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;

Mar an ceudna chuir e a‑mach calaman uaithe, a dh’fhaicinn an do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn;

Till, O m’anam, gud shuaimhneas, oir bhuin an Tighearna riut gu fial;

Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid-tàimh?

Ach iadsan a thèid as dhiubh, thèid as, agus bidh iad air na slèibhtean mar chalamain nan gleann, iad uile a’ caoidh, gach aon dhiubh airson a aingidheachd fhèin.

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Agus am measg nan cinneach sin chan fhaigh thu suaimhneas sam bith, cha mhò a bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhut an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas inntinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan