Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.
Mo chalaman, a tha ann an sgoltaidhean na creige, ann an ionad-diamhair a’ bhruthaich, leig dhomh amharc ort, leig leam do ghuth a chluinntinn, oir tha do ghuth binn, agus d’aogas maiseach.
Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.