Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e a‑mach fitheach, a chaidh a‑mach a’ dol air ais agus air aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus an ceann dà‑fhichead là, dh’fhosgail Nòah uinneag na h‑àirc a rinn e:

Mar an ceudna chuir e a‑mach calaman uaithe, a dh’fhaicinn an do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn;

Agus òlaidh tu den t‑sruth, agus dh’àithn mise do na fithich do bheathachadh an sin.

Agus thug na fithich da ionnsaigh aran agus feòil anns a’ mhadainn, agus aran agus feòil anns an fheasgar; agus dh’òl e as an t‑sruth.

Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh.

Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas.

Gach fitheach a rèir a ghnè;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan