Agus thill na h‑uisgeachan a‑ghnàth bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h‑uisgeachan an dèidh ceud agus leth-cheud là.
Anns an t‑siathamh ceud bliadhna a dh’aois Nòah, anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, anns an là sin fhèin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsan nan nèamh air am fosgladh.
Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan os cionn na talmhainn ceud agus lethcheud là.
Agus thraogh na h‑uisgeachan a‑ghnàth gus an deicheamh mìos: anns an deicheamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, chunnacas mullaichean nam beann.