Mar seo deir an Tighearna, a tha a’ toirt na grèine airson solas an là, òrdaighean na gealaich agus nan reultan airson solais anns an oidhche, a tha a’ dèanamh na fairge ciùin, tràth bhios a tuinn a’ beucaich; Tighearna nan sluagh is e a ainm.
Cha mhò a their iad nan cridhe, Biodh a‑nis eagal an Tighearna ar Dia oirnn, a tha a’ toirt araon a’ chiad uisge agus an uisge dheireannaich na àm fhèin; seachdainean suidhichte an fhogharaidh tha e a’ gleidheadh air ar son.
Uime sin, a bhràithrean, bithibh foighidinneach gu teachd an Tighearna. Feuch, feithidh an treabhaiche ri toradh luachmhor na talmhainn, agus fanaidh e gu foighidinneach ris, gus am faigh e an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach.