Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

50 Iomraidhean Croise  

Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;

Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear-fuadain bidh tu air an talamh.

Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.

Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.

Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.

Agus chunnaic an Tighearna gum bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a‑mhàin olc gach aon là.

Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.

Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.

Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn.

Tha na h‑aingidh a’ claonadh on bhroinn; tha iad a’ dol air seachran om breith, a’ labhairt bhreug.

Tha an nimh mar nimh nathrach; tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas;

Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Cò a dh’fhaodas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe, tha mi glan om pheacadh?

Oir chan eil duine ceart air an talamh, a nì math, agus nach peacaich.

Seas suas a‑nis led ghisreagan, agus le lìonmhorachd do dhraoidheachdan, anns an do shaothraich thu od òige; mas e is gur urrainn thu buannachd fhaghail, mas e is gum faod thu buadhachadh.

Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach fhèin; cha bhi d’fhear-tèarnaidh ann.

Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam gum buineadh tu gu ro‑chealgach, agus gum b’e Fear-easaontais a b’ainm dhut on bhroinn.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Feuch, tha e sgrìobhte ann am làthair; chan fhan mi am thosd, ach ath-dhìolaidh mi; seadh, ath-dhìolaidh mi rin uchd,

Tha an cridhe cealgach thar na h‑uile nithean, agus tha e do‑leigheas; cò as urrainn a thuigsinn?

Ach thubhairt iadsan, Chan eil dòchas ann; oir gluaisidh sinn a rèir ar smuainte fhèin, agus nì sinn, gach aon a rèir togradh a dhroch chridhe fhèin.

Thug mise fa‑near, agus chuala mi: cha do labhair iad gu ceart; chan eil aithreachas air aon neach da aingidheachd, ag ràdh, Ciod a rinn mi? Tha gach aon a’ tilleadh ga shlighe, mar a dhian-ruitheas an t‑each a‑chum a’ chòmhraig.

Gabhaidh mi ribh le ur boltrach cùbhraidh nuair a bheir mi a‑mach sibh o na fineachan, agus a thionaileas mi sibh o na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh; agus bidh mi air mo naomhachadh annaibh ann am fianais nan cinneach.

Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus cuiridh mi ur bailtean fàs, agus bheir mi lom-sgrìob air ur n‑ionadan naomha, agus cha ghabh mi fàile ur boltraich chùbhraidh.

Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha.

Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, agus loisg e iad air an altair os cionn na h‑ìobairt-loisgte; bu tabhartas-coisrigidh iad a‑chum fàile chùbhraidh; tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Agus a bheir sibh suas tabhartas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte no ìobairt, gu bòid a choileanadh, no mar thabhartas saor-thoile, no nur n‑àrd-fhèillean, a dhèanamh fàile chùbhraidh don Tighearna, den sprèidh no den treud:

Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:

An nì sin a tha air a bhreith on fheòil, is feòil e; agus an nì sin a tha air a bhreith on Spiorad, is spiorad e.

Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.

Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:

Oir tha sinne do Dhia nar fàile cùbhraidh Chrìosd, anns an dream a thèarnar, agus anns an dream a sgriosar:

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.

Tha fhios againn gu bheil sinne o Dhia, agus tha an saoghal uile na laighe anns an olc.

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan