Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rach a‑mach as an àirc, thu fhèin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.

Anns a’ cheart là sin fhèin chaidh Nòah, agus Sem agus Ham agus Iàphet, mic Nòah, agus bean Nòah, agus triùir bhan a mhac maille riu, a‑steach don àirc;

Agus chaidh Nòah a‑steach, agus a mhic agus a bhean agus mnathan a mhac maille ris, don àirc, airson uisgeachan na dìle.

Agus labhair Dia ri Nòah, ag ràdh,

Thoir a‑mach leat gach nì beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de sprèidh, agus de gach uile nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh; a‑chum is gun sìolaich iad air an talamh, agus gum bi iad torrach, agus gum fàs iad lìonmhor air an talamh.

Coimheadaidh an Tighearna do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, on àm seo eadhon gu bràth.

Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile.

Air mo shon-sa fòs, le fuil do choicheangail chuir mi a‑mach do phrìosanaich as an t‑sloc anns nach robh uisge sam bith.

Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan