Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Anns an t‑siathamh ceud bliadhna a dh’aois Nòah, anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, anns an là sin fhèin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsan nan nèamh air am fosgladh.

Agus anns an t‑siathamh ceud bliadhna agus a h‑aon, anns a’ chiad mhìos, anns a’ chiad là den mhìos, thiormaicheadh na h‑uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Nòah air falbh còmhdach na h‑àirc, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.

Agus labhair Dia ri Nòah, ag ràdh,

Ach anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug ar fhichead de bhraighdeanas Iehoiachim rìgh Iùdah, anns an dara-mìos-deug, air an t‑seachdamh-là‑fichead den mhìos, thog Ebhil-merodach rìgh Bhàbiloin, air a’ bhliadhna anns an do thòisich e air rìoghachadh, suas ceann Iehoiachin rìgh Iùdah à prìosan.

Agus thàrladh anns an t‑seachdamh bliadhna fichead, anns a’ chiad mhìos, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan