Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;

Agus thàinig an calaman da ionnsaigh anns an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige na ghob: agus dh’aithnich Nòah gun do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.

Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.

Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia-ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte.

Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.

Fàgaibh na bailtean, agus gabhaibh còmhnaidh anns a’ charraig, O sibhse a tha ag àiteachadh Mhòaib; agus bithibh cosmhail ris a’ chalaman a nì a nead ann am bruaich bile na h‑uaimhe.

Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan