Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh seachd làithean bha uisgeachan na dìle air an talamh.

Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn.

Agus thàinig an calaman da ionnsaigh anns an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige na ghob: agus dh’aithnich Nòah gun do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.

Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.

Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh.

Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.

Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.

Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan