Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;
Agus nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air Abrahàm, agus chuir e a‑mach Lot à meadhon an lèirsgrios, nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot na chòmhnaidh.
Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn.
Agus dh’àithn mi do na Lèbhithich, a bha gan glanadh fhèin, agus a thàinig a ghleidheadh nan geatachan, gun naomhaicheadh iad là na sàbaid. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑thaobh seo mar an ceudna, agus caomhain mi a rèir meud do thròcair.
Och, nach falaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi ann an uaigneas, gus am biodh d’fhearg thairis! Nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gun cuimhnicheadh tu mi!
Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan.
Agus nach coiglinn-sa Ninebheh, am baile mòr sin, anns a bheil tuilleadh agus sia-fichead mìle pearsa, do nach aithne an làmh dheas seach an làmh chlì, agus mòran sprèidhe?
Bheir e achmhasan don fhairge, agus nì e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h‑aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; agus tha blàth Lebanoin air crìonadh.
O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath-bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.
Agus thèid e tron fhairge le dòrainn: agus buailidh e na tonnan anns an fhairge; agus tiormaichidh uile dhoimhneachdan na h‑aibhne suas; agus bheirear a‑nuas uabhar Asiria, agus imichidh slat-rìoghail na h‑Eiphit seachad.
Agus ma thèid sibh gu cogadh nur dùthaich an aghaidh an nàmhaid a tha a’ dèanamh fòirneirt oirbh, an sin sèididh sibh caismeachd leis na trompaidean; agus cuimhnichear sibh an làthair an Tighearna ur Dia, agus saorar sibh o ur naimhdean.
Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, Carson a bhuail thu d’asal na trì uairean seo? Feuch, chaidh mi a‑mach gu bhith am eascaraid dhut, a chionn gu bheil do shlighe fiar am fhianais.
Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.
Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.