Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaichean na machrach, agus uile eunlaith nan speur; agus thug e iad a‑chum Adhaimh, a dh’fhaicinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge bè ainm a thug Adhamh air gach creutair beò, b’e sin a b’ainm dha.
Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e.
Nì am madadh-allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh-sa uile, deir an Tighearna.
Seadh, is aithne don chorra-bhàin anns an adhar a h‑àm fhèin, agus is aithne don chalaman agus don chorra-mhonaidh agus don ghòbhlan-ghaoithe àm an teachd: ach chan aithne dom shluagh-sa breitheanas an Tighearna.
Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.