Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

De ainmhidhean glan, agus de ainmhidhean nach eil glan, agus de eunlaith, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus de gach uile nì beò den uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu a‑steach don àirc gan gleidheadh beò maille riut; fireann agus boireann bidh iad.

Den eunlaith a rèir an gnè, agus den sprèidh a rèir an gnè, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: thèid dithis de gach seòrsa a‑steach ad ionnsaigh, gan gleidheadh beò.

Iad fhèin, agus gach uile bheathach a rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, agus an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun de gach seòrsa.

De gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhut nan seachdan, am fireann agus a bhoireann; agus de ainmhidhean nach eil glan, nan càraidean, am fireann agus a bhoireann:

Mar an ceudna de eunlaith nan speur nan seachdan, fireann agus boireann, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:

Chaidh dithis agus dithis a‑steach a dh’ionnsaigh Nòah don àirc, fireann agus boireann, a rèir mar a dh’àithn Dia do Nòah.

Anns an robh gach uile ghnè bheathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus bheathaichean allta, agus bhiasdan snàigeach, agus eunlaith an adhair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan