Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus cha robh aon de phreasan na machrach fhathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fhathast aon de lusan na machrach; do bhrìgh nach tug an Tighearna Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaothrachadh na talmhainn.

Agus thubhairt Dia ri Nòah, Thàinig crìoch gach uile fheòla am fhianais; oir tha an talamh air a lìonadh le fòirneart dan trìdsan; agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.

Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.

Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.

Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.

Agus an dèidh seachd làithean bha uisgeachan na dìle air an talamh.

Agus bha an t‑uisge air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Agus bha an dìle dà‑fhichead là air an talamh; agus mheudaicheadh na h‑uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn.

Mar an ceudna de eunlaith nan speur nan seachdan, fireann agus boireann, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.

Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne agus tuil-dhorsan nan nèamh, agus chaisgeadh an t‑uisge o na nèamhan;

A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait;

A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas.

Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, tilgidh mise thu bhàrr aghaidh na talmhainn; air a’ bhliadhna seo gheibh thu bàs, a chionn gun do labhair thu ceannairc an aghaidh an Tighearna.

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan