Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna de eunlaith nan speur nan seachdan, fireann agus boireann, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Den eunlaith a rèir an gnè, agus den sprèidh a rèir an gnè, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè: thèid dithis de gach seòrsa a‑steach ad ionnsaigh, gan gleidheadh beò.

De gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhut nan seachdan, am fireann agus a bhoireann; agus de ainmhidhean nach eil glan, nan càraidean, am fireann agus a bhoireann:

Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn.

De ainmhidhean glan, agus de ainmhidhean nach eil glan, agus de eunlaith, agus de gach nì a shnàigeas air an talamh,

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

Eadhon nan gràinealachd bidh iad dhuibh: dem feòil chan ith sibh, agus den cairbhean gabhaidh sibh gràin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan