Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn: agus dh’fhàgadh a‑mhàin Nòah, agus na bha maille ris anns an àirc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.

Agus chaidh Nòah a‑mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille ris:

Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut.

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich.

Tuitidh mìle rid thaobh, agus deich mìle air do làimh dheis, ach cha tig e am fagas dhut.

Cha bhi tairbhe ann an saoibhreas ann an là na feirge; ach saoraidh fìreantachd on bhàs.

Agus imichidh iadsan a‑chum peanais shìorraidh; ach na fìreanan a‑chum na beatha maireannaich.

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.

Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;

Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:

Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan