Còig làmhan-coille deug air àirde bhuadhaich na h‑uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beanntan.
Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh-choille fad na h‑àirce, lethcheud làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a h‑àirde.
Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan gu ro‑anabarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile a bha fo na nèamhan gu lèir.
Agus stad an àirc anns an t‑seachdamh mìos, air an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, air beanntan Ararait.
Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich thu e; sheas na h‑uisgeachan os cionn nam beann.
Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia-ne tha slàinte Israeil.