Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan, agus mheudaicheadh iad gu h‑anabarrach air an talamh; agus shiubhail an àirc air aghaidh nan uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus bha an dìle dà‑fhichead là air an talamh; agus mheudaicheadh na h‑uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn.

Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan gu ro‑anabarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile a bha fo na nèamhan gu lèir.

A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait;

An sin siùbhlaidh na longan, agus an Lebhiatan sin a dhealbh thu gu bhith a’ sùgradh ann.

Na rachadh tuil nan uisgeachan tharam, agus na sluigeadh an doimhneachd mi, agus na druideadh an sloc a bheul orm!

Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc-shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan