Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an dìle dà‑fhichead là air an talamh; agus mheudaicheadh na h‑uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus bha an t‑uisge air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e.

Agus bhuadhaich na h‑uisgeachan, agus mheudaicheadh iad gu h‑anabarrach air an talamh; agus shiubhail an àirc air aghaidh nan uisgeachan.

Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn.

Is esan a thogas àrd-sheòmraichean anns na nèamhan, agus a shuidhicheas a thaigh-tasgaidh air an talamh; an tì a ghairmeas air uisgeachan na fairge, agus a dhòirteas iad a‑mach air aghaidh na talmhainn: is e Iehòbhah a ainm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan