Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e.
Agus bha an dìle dà‑fhichead là air an talamh; agus mheudaicheadh na h‑uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn.
Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh-pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras.
On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?