Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh iad a‑steach a‑chum Nòah don àirc, a lìon dithis agus dithis, de gach uile fheòil anns a bheil anail na beatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Iad fhèin, agus gach uile bheathach a rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, agus an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun de gach seòrsa.

Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e.

Chaidh dithis agus dithis a‑steach a dh’ionnsaigh Nòah don àirc, fireann agus boireann, a rèir mar a dh’àithn Dia do Nòah.

An sin gabhaidh am madadh-allaidh còmhnaidh maille ris an uan, agus laighidh an liopard sìos maille ris a’ mheann; agus an laogh, agus an leòmhann òg, agus an sprèidh reamhar le chèile; agus nì leanabh beag an stiùradh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan