Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iad fhèin, agus gach uile bheathach a rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, agus an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun de gach seòrsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt, a rèir an gnè, agus gach eun iteagach a rèir a ghnè: agus chunnaic Dia gu robh e math.

Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a‑mach an creutair beò a rèir a ghnè, sprèidh, agus gach nì a shnàigeas, agus beathaichean na talmhainn a rèir an gnè: agus bha e mar sin.

Agus de gach uile nì beò den uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu a‑steach don àirc gan gleidheadh beò maille riut; fireann agus boireann bidh iad.

Anns a’ cheart là sin fhèin chaidh Nòah, agus Sem agus Ham agus Iàphet, mic Nòah, agus bean Nòah, agus triùir bhan a mhac maille riu, a‑steach don àirc;

Agus chaidh iad a‑steach a‑chum Nòah don àirc, a lìon dithis agus dithis, de gach uile fheòil anns a bheil anail na beatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan