Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns a’ cheart là sin fhèin chaidh Nòah, agus Sem agus Ham agus Iàphet, mic Nòah, agus bean Nòah, agus triùir bhan a mhac maille riu, a‑steach don àirc;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus do Shem fhèin mar an ceudna, athair chloinn Ebair uile, bràthair Iapheit a bu shine, rugadh clann.

Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan.

Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet.

Agus ghin Nòah triùir mhac, Sem, Ham, agus Iàphet.

Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.

Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.

Iad fhèin, agus gach uile bheathach a rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, agus an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun de gach seòrsa.

Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh.

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.

Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;

Agus tàrlaidh nuair a thig an athraichean no am bràithrean dar n‑ionnsaigh-ne a dhèanamh gearain, gun abair sinn riu, Bithibh bàidheil riu air ar son-ne, a chionn nach do ghlèidh sinn do gach fear a bhean anns a’ chogadh, oir cha tug sibhse dhaibh anns an àm seo, air chor is gum biodh sibh ciontach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan