Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an t‑siathamh ceud bliadhna a dh’aois Nòah, anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh-là‑deug den mhìos, anns an là sin fhèin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsan nan nèamh air am fosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Dia an t‑adhar, agus chuir e dealachadh eadar na h‑uisgeachan a bha fon adhar, agus na h‑uisgeachan a bha os cionn an adhair: agus bha e mar sin.

Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.

Agus bha Nòah sia ceud bliadhna a dh’aois, nuair a bha an dìle uisgeachan air an talamh.

Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh.

Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne agus tuil-dhorsan nan nèamh, agus chaisgeadh an t‑uisge o na nèamhan;

Agus fhreagair an ceannard sin an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh a leithid seo de nì a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thu led shùilean e, ach chan ith thu dheth.

Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.

Feuch, cumaidh e na h‑uisgeachan air an ais, agus tiormaichidh iad suas; agus cuiridh e a‑mach iad, agus tilgidh iad bun-os‑cionn an talamh.

Brisidh an sruth a‑mach on luchd-àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad.

An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh-aigein an d’imich thu?

Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh;

Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh.

Sgoilt thu an tobar agus an sruth; thiormaich thu aibhnichean mòra.

Le a eòlas-san brisear suas na doimhneachdan, agus silidh na neòil a‑nuas an drùchd.

Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil-dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh.

Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh.

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Nuair a chuireas e a‑mach a ghuth, tha toirm uisgeachan anns na nèamhan, agus bheir e air a’ cheò dol suas o iomallan na talmhainn; nì e dealanach le frasan agus bheir e a‑mach a’ ghaoth as a ionadan-tasgaidh.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nuair a nì mise dhìot cathair fhàs, mar na cathraichean nach eil air an àiteachadh, nuair a bheir mi a‑nìos ort an doimhne, agus a thig na tuiltean mòra os do chionn;

Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh-thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh-sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.

Oir mar a bha iad anns na làithean ron tuil ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus a’ toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach anns an àirc,

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.

Tre an deachaidh an saoghal a bha an sin ann a sgrios, air teachd don dìle air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan