Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 7:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.

Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.

Anns a’ cheart là sin fhèin chaidh Nòah, agus Sem agus Ham agus Iàphet, mic Nòah, agus bean Nòah, agus triùir bhan a mhac maille riu, a‑steach don àirc;

Agus chaidh Nòah a‑steach, agus a mhic agus a bhean agus mnathan a mhac maille ris, don àirc, airson uisgeachan na dìle.

Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd.

Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e.

Ann an eagal an Tighearna tha adhbhar earbsa làidir; agus aig a chloinn bidh dìdean.

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia.

Iarraibh-se an Tighearna, uile dhaoine ciùine na talmhainn, a dh’obraich a bhreitheanas; iarraibh fìreantachd, iarraibh macantachd: faodaidh e a bhith gun tèarnar sibhse ann an là fearg an Tighearna.

Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo-lochdach.

Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine:

Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan