Genesis 6:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.