Feuch a‑nis, fhuair do sheirbhiseach deagh-ghean ad shùilean, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhòmhsa lem anam a theasairginn; agus chan urrainn mise dol as don t‑sliabh, air eagal gun tig olc-eigin orm, agus gum faigh mi bàs:
Mar seo deir an Tighearna, Fhuair an sluagh a dh’fhàgadh leis a’ chlaidheamh coibhneas anns an fhàsach; eadhon Israel, nuair a chaidh mise a thoirt fois dha.
Agus mas ann tre ghràs, chan ann o obraichean nas mò; no cha ghràs gràs nas mò. Ach mas ann o obraichean, chan ann o ghràs à sin suas: no chan obair à sin suas obair.
Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium.
Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr-fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus.
A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;