Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 6:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn; araon duine, agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gun do rinn mi iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.

Agus dh’eug gach uile fheòil a bha a’ gluasad air an talamh, araon de eunlaith, agus de sprèidh, agus de bheathaichean, agus de gach nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine:

Oir fhathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi bhàrr aghaidh na talmhainn.

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Ach sgriosar droch dhaoine, agus bidh naimhdean an Tighearna mar shaill uan; thèid as dhaibh, mar dheataich thèid as dhaibh.

Cuiridh eagal an Tighearna ri làithean duine; ach giorraichear bliadhnachan nan aingidh.

Rinn an Tighearna gach nì air a shon fhèin, agus mar an ceudna an t‑aingidh airson là an uilc.

Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.

Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna.

Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo fòs, deir an Tighearna Iehòbhah.

Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre.

Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan-tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.

Cha chaomhain an Tighearna e, ach an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus a eud, smùid dhiubh an aghaidh an duine sin, agus laighidh gach mallachadh air a tha sgrìobhte anns an leabhar seo, agus dubhaidh an Tighearna a‑mach a ainm o bhith fo nèamh.

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan