Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.
Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianais nan aghaidh led spiorad le làimh d’fhàidhean: ach chan èisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh sluaigh nan tìrean.
Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.
Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain?
Oir dh’earalaich mise gu dùrachdach dur n‑athraichean, air an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an là‑an‑diugh, ag èirigh gu moch agus ag earalachadh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth.
Agus thig mise a‑nuas agus labhraidh mi riut an sin: agus gabhaidh mi den spiorad a tha ortsa, agus cuiridh mi orrasan e; agus giùlainidh iad eallach an t‑sluaigh maille riut, a‑chum is nach giùlain thu fhèin e ad aonar.
A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.