Agus gabh thusa dhut de gach uile bhiadh a dh’ithear, agus cruinnichidh tu ad ionnsaigh e; agus bidh e dhutsa agus dhaibhsan airson beathachaidh.
Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh.
Gu cinnteach bheir na slèibhtean dha feur, far am bi uile bheathaichean na machrach ri sùgradh.
A tha a’ tabhairt bìdh do gach feòil, oir gu bràth mairidh a thròcair.
Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhaibh am biadh na thràth.
Bheir esan a bhiadh don ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas.
Biodh an slighe dorcha agus sleamhainn, agus aingeal an Tighearna an tòir orra.
Amhaircibh air eunlaith an adhair; oir cha chuir iad sìol, agus cha bhuain iad, agus cha chruinnich iad ann an saibhlean: gidheadh tha ur n‑Athair nèamhaidh-se gam beathachadh. Nach fheàrr sibhse gu mòr na iadsan?