Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 6:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uinneag nì thu don àirc, agus an làimh-choille crìochnaichidh tu i na mullach; agus doras na h‑àirce cuiridh tu na taobh; le lobhtachan ìochdarach, meadhonach, agus uachdarach nì thu i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh-choille fad na h‑àirce, lethcheud làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a h‑àirde.

Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns a bheil anail na beatha fo nèamh; agus gheibh gach nì a tha air an talamh bàs.

Agus iadsan a chaidh a‑steach, fireann agus boireann, chaidh iad a‑steach de gach uile fheòil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna a‑staigh e.

Agus an ceann dà‑fhichead là, dh’fhosgail Nòah uinneag na h‑àirc a rinn e:

Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe.

Agus nuair a thàinig Iehu gu Iesreel, chuala Iesebel e; agus chuir i dath ma sùilean, agus sgeadaich i a ceann, agus dh’amhairc i a‑mach air uinneig.

Bha puist an dorais agus na h‑uinneagan cumhang, agus na seòmraichean mun cuairt air an trì ùrlair, thall fa chomhair an dorais, falaichte le fiodh timcheall mun cuairt, agus on làr suas gu ruig na h‑uinneagan, agus bha na h‑uinneagan air an còmhdachadh;

Fa chomhair dorsan na cùirte a‑staigh, agus fa chomhair an ùrlair a bha airson na cùirte a‑muigh, bha seòmar air aghaidh seòmair air trì ùrlair.

On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan