Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 6:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus seo a’ chumachd air an dèan thu i: Trì cheud làmh-choille fad na h‑àirce, lethcheud làmh-choille a leud, agus deich-ar‑fhichead làmh-choille a h‑àirde.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Dèan dhut fhèin àirc de fhiodh gopheir; seòmraichean nì thu anns an àirc, agus còmhdaichidh tu i a‑staigh agus a‑muigh le pic.

Uinneag nì thu don àirc, agus an làimh-choille crìochnaichidh tu i na mullach; agus doras na h‑àirce cuiridh tu na taobh; le lobhtachan ìochdarach, meadhonach, agus uachdarach nì thu i.

Còig làmhan-coille deug air àirde bhuadhaich na h‑uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beanntan.

Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan