Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean.
Ghabh m’athair mionnan dhìom, ag ràdh, Feuch, tha mise a’ faghail a’ bhàis: ann am uaigh a chladhaich mi dhomh fhèin ann an tìr Chanàain, an sin adhlaicidh tu mi. A‑nis uime sin leig dhomh dol suas, guidheam ort, agus m’athair adhlac, agus thig mi a‑rìs.
Agus chaidh Iòseph suas a dh’adhlac a athar: agus maille ris chaidh seirbhisich Phàraoh suas uile, seanairean a thaighe, agus uile sheanairean tìr na h‑Eiphit,