Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 50:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus choileanadh air a shon dà‑fhichead là (oir mar seo coileanar làithean na muinntir sin air an cuirear spìosraidh); agus rinn na h‑Eiphitich bròn air a shon deich agus trì-fichead là.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus nuair a chaidh làithean a bhròin thairis, labhair Iòseph ri teaghlach Phàraoh, ag ràdh, A‑nis ma fhuair mi deagh-ghean nur sùilean, labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan Phàraoh, ag ràdh,

Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.

Agus cuiridh i dhith a h‑aodach braighdeanais, agus fanaidh i ad thaigh, agus nì i caoidh airson a h‑athar agus a màthar mìos iomlan: agus an dèidh sin thèid thu a‑steach da h‑ionnsaigh, agus bidh tu ad fhear-pòsda aice, agus bidh ise na mnaoi agad.

Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan