Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 50:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thuit Iòseph air aghaidh a athar, agus ghuil e air, agus phòg e e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.

Thèid mise maille riut sìos don Eiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a‑nìos thu a‑rìs: agus cuiridh Iòseph a làmh air do shùilean.

Agus nuair a chrìochnaich Iàcob àitheantan a thoirt da mhic, chruinnich e a chasan suas don leabaidh, agus chaochail e, agus chruinnicheadh e a‑chum a dhaoine.

Agus dh’àithn Iòseph da sheirbhisich, na lèighean, spìosraidh a chur air corp a athar; agus chuir na lèighean spìosraidh air Israel.

A‑nis bha Elisa tinn de a thinneas de an d’fhuair e bàs, agus thàinig Iòas rìgh Israeil a‑nuas da ionnsaigh, agus ghuil e os a chionn, agus thubhairt e, O athair, athair, carbad Israeil agus a mharc-shluagh!

Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon.

Agus athraichean, na brosnaichibh ur clann a‑chum feirge: ach togaibh iad ann an oilean agus ann an teagasg an Tighearna.

Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan